Cape Breton's Magazine

> Issue 4 > Page 12 - Joe Neil MacNeil, Storyteller

Page 12 - Joe Neil MacNeil, Storyteller

Published by Ronald Caplan on 1973/5/1 (1397 reads)
 

JOE MAC NEIL, STCMiYTELLBR, CONTINUED an t-oganach an turas air an robh e, an da, ors ise, tha eagal orm gu bheil an uine air a dhol seachad, ach ma dh*fhaoidte gu bheil thu trath gu leor fhasthast. Agus ge b*e na cuilbheartan a chaidh i troimhe rinn i sin agus thug i dha botul beag de dh* uisge ??s thuirt i ris, seo a laochain, bheir sin leat, agus nuair a ruigeas tu dha? chaidh crath sin air ceann an eich, agus ma tha an deb fhathast ann am barr nan cluas eiridh an t-each. Co-dhiubh an uair a rslinig an gille dhachaidh bha i fas anmoch dhe'n oidhche agus chum e suas dha*n achadh far an robh an t-each ??na laighe. Leis gu robh an oidhche cuibheasach dorcha, *s esan ann an cabhaig, cha tug e 'n aire ciamar a bha cuisean. *S ged a bha an t-each air fheannadh cha tug e sin idir fanear. *S ann ban a bha an t-each co-dhiubh; agus dhoirt e 'n t-uisge air ceann an eich. ??S chum e roimhe dhachaidh agus an uair a fhuair e dhachaidh dh'innis e dhaibh gun d??fhuair e an t- uisge agus gun do dhoirt e air ceann an eich. Ors an seann fhear, 's beag a dh' fheura a ni sin, tha an t-each marbh. Agus thug cuideigin aca suil a mach an uair sin, 's bha a' ghealach air eirigh suas ??s i fas car soilleir 's thug iad an aire gu robh an t-each ??na sheasamh shios aig dorus na bathaich. Agus ghabhadh sios *ga choimhead, 's bha an t-each ann a sin 's e air fheannadh, agus e cho beo 's a bha e riamh. De nist a bhathar a dol a dheanamh ris an each? Uill, smaoinich, ors esan, m' athair, o'n a bha an t-each beo, gu feumar rudeigin a dheanamh ris. Fhalbh, ors esan, gu lobhta an t-sabhail, agus tha torr mor de chrai- cinn chaorach agus craicinn rahoilt shuas ann a sin. Thugadh a nuas smuid dhiubh sin agus shiubhladh mim cuairt agus fhuair e buideal beag anns an robh taosgan de dh* ola roin. Agus shiubhladh an sin mun cuairt agus fhuair e seann phoit agus bha roinn de bhidhe giuthais innte. Agus chaidh an ola dhortadh anns a' phoit agus chaidh am plaideachadh suas |us an do leagh iad 's an do chuireadh troimhe cheile iad. 'S nuair a bha sin blath thoisicheadh air suathadh sin air craicinn nan caorach agus 'gan cur air an each. Nuair a gheibhte toinn dhiubh mun each rachadh an ceangal air le gad no le ropa. Agus nuair a bha sin reidh chuireadh an t-each a stigh dha'n HANDICRAFTS, IMPORTED WOOLENS AND YARN EUROPEAN AND BRITISH GIFT ITEMS. SOUVENIRS. / GIFT / SHOP / y Ingonish When in Sydney visit our branch store CABOT HOUSE GIFT SHOP, 500 Kings Rd., Next to Holiday Inr Qualified Dispensers Always in Attendance OWL DRUG STORE D. I. MacDonald, Prop. Your Northside DOROTHY GRAY DISTRIBUTOR Convalescent and Sick Room Supplies Sales & Rental Drug Sundries and Cosmetics P.O.Box 125 794-3611 North Sydney ALWAYS AT YOUR SERVICE Cape Breton*s Maga2ine/l2 CHICKEN CHALET fried 4 outlets to serve you- Blowers SL, North Sydney. Sydney Shopping Centre, Prince St Sterling Road, Glace Bay CB. Shopping Plaza, Sydney River 794-3534 564-6322 849-6689 564-6646
Cape Breton's Magazine
  View this article in PDF format Print article



Adobe Acrobat Reader is required to the PDF version of this content. Click here to download and install the Acrobat plugin
Acrobat Reader Download