Cape Breton's Magazine

> Issue 10 > Page 13 - Joe Allan MacLean: A Tale of the Round Drover

Page 13 - Joe Allan MacLean: A Tale of the Round Drover

Published by Ronald Caplan on 1975/3/31 (4314 reads)
 

Joe Allan MacLean Alaleof theRound Drover Bha sud ann roimlie Orobhair Cruinn 's cha do rinn e cail riamh ach drobhaireachd: a cean- nach agus a* reic bheathaichean agus an t- aite bha e 'ga reic, bha e da fhichead mile bhuaithe. Lethach astair, bha tigh beag aige ri taobh an rathaid ??s bhiodh a fuireach na h-oidhche ann, *s bha p'airce ann far an cui? re adh e an crodh. Bha cu aige agus claidheamh • sin a bha e a* toirt leis gus a fhein a ghekrrd. Ach bha e fas sgith de'n obair a bha seo agus thuirt e ris a bhean agus na dithis ghillean aige • "Air an t-seachdainn seo tighinn tha mi dol a dheanamh an trup mu dheireadh. Feumaidh fear de na gillean ti- fhinn comhla rium agus tha mi toirt leam da hichead beathach agus a deich." Fhuair iad deiseil co dhuibh agus dh'fhalbh iad • creid nach do dhiochuimhnich e an claidheamh agus an cu. Agus an oidhche sin rainig iad lethach astair agus chaidh iad a stigh do'n tigh bheag agus ghabh iad aca fhein. Rinn iad sui- pear agus bhiadh iad na beathaichean • anns a* mhaduinn trath larna mhaireach thog iad ris. Thainig iad do'n aite reic agus thuirt e ris a'ghille • "Faodaidh tusa falbh dhachaidh a nis • ni mise an gnothuch. Bi seachdainn eile mus faigh mise dhachaidh mun reic mi na tha seo de bheathaichean. Thuirt an gille "All right" agus dh'fhalbh e. Bha aige ri dhol pios de rathad suas ri tri mile far nach robh tighean idir. An ceann na seachdainn dh'fhag I e fhein thall dha chois. Ach lethach astair I anns an aite far nach robh tigh goirid dha, chtinnaic e duine agus e 'na shuidhe air logaidh ri taobh an rathaid agus ceura cuagach ann, nuair a dh'eirich e. Thainig an Drobhair Cruinn goirid de'n logaidh agus bhruidhinn e ris. Ars am fear a bh'air an , logaidh "Am biodh tusa cho math agus gun tugadh tu dhomh rud a dheanadh mo dhinneir ' dhomh?" **De an uidhir 's a dh'dheumadh tu airson do dhinneir?" ars an Drobhair. "0" ars e "dollair." Thug e mach "roll" airgeid as a' phocaid agus thug e dollair do'n fhear a bh'air an logaidh. "Nach iongantach leam fhein" ars am fear sin "thusa bhi falbh leis na tha sin de dh'airgead, agus gun ghearrd ort." '*Ud" ars esan "nach eil an cu mor agus an claidheamh agam," "Bheir dhomh an claidheamh," ars' am fear eile, "fiach am faic mi de cho math 's a tha e." Thug an Drobhair dha an claidheamh agus chaith am fear eile an ceann far a* choin. Cha do chord sud ris an Drobhair • dh' aithnich e gun robh rudeigin suas. "Bheir thu nis dhomh a h-uile 'cent' a th'agad. neo bi do cheann fhein comhla ri ceann a choin!" "'S fhearr leamsa" ars an Drobhair "a h-uile 'cent' a thoirt dhuit agus mo.cheann a bhi air m'amhaich. Ach tha e gle dhona dhomh dhol dhachaidh agus gun 'mark' sam bith orm agus gun 'cent' airgeid agam. Bi iad a' smaoineachadh gun do dh''l mi an t-airgead, Rud a ni mi • cuiridh mi mo mheoirean air an logaidh agus caithidh tusa dhiom iad.leis a' chlaidheamh. Bi cinnteach gun caith thu dhiom glan iadi" Co dhiubh, chuir an Drobhair a lamh air an logaidh agus bha e 'watcheadh' an claidheamh a' tighinn: thainig an claidheamh agus ghabh e gu chtil anns an logaidh! Cha ghabhadh e toirt as ann an cabhaig 's dh'eirich an Drobhair air leis na breaban, agus leth mharbh e air an rathad. Bha croit mhor air an fhear seo, agus chuir an Drobhair 'ob a' chlaidheamh anns a' chnap agus theann na notaichean air d'rtadh amach. Lion an Drobhair a phocaidean agus thug e air 's dh'fhag e an sud leth-mharbh air an rathad e. Thainig e dhachaidh 's an ceann seachduinn, maduinn mhoich, dh'fhairich a 'rap' aig an dorus 's bha dithis ghillean mora foghainteach an sin. Ach ma bha, bha dithis ghillean an Drobhair astigh 's bha iad na b'fhoghaintiche na sin. Dh'ol iad tea a- gus an sin thuirt fear aca ris an Drobhair, "'S tusa am fear a theab crioch a chuir air m'athair. Tha thu dol ga phaigheadh sin an diugh" • agus iad a' leum thuige. Leua Frank McKnight Ltd. >' Everything Musical " 279 Charlotte Streetr Sydney 539'5030 Frank McKnight Ud. " Everything Nusicai " Cape Breton's Magazine/l3
Cape Breton's Magazine
  View this article in PDF format Print article



Adobe Acrobat Reader is required to the PDF version of this content. Click here to download and install the Acrobat plugin
Acrobat Reader Download