Cape Breton's Magazine

> Issue 12 > Inside Front Cover - Finlay Cameron, "Iain Mac An Tuathanaic"

Inside Front Cover - Finlay Cameron, "Iain Mac An Tuathanaic"

Published by Ronald Caplan on 1975/12/1 (400 reads)
 

Finlay Cameron, "lain Mac An Tuathanalc Cha robh aig an tuathanach ach an aon ghille ris an t-saoghal • agus is e an duine bu bhochda bha riamh air an t-saoghal, an tuathanach* Cha robh aige ach aite beag bi- deach agus bha na coimhearsnaich mu chuairt dha uile gu leir • is cha robh ach pios de lion aige, is seann bhata is bha e ag iasgach, a' togail beagan de bhuntata • agus mucan* Bhiodh na mucan aige stigh, ?eil fhios agaibh, anns na paircean bhuntata aig na coimhearsnaich fad' na h-uine, agus dh'fhalbh iad mu dheireadh, bho nach gabhadh an corr deanamh, is chuir iad na feansaichean'line' a stigh direach ris an tigh, feuch a falbhadh iad as a sin, 's gus a' faigheadh iad 'clearas* iad* Well alright, thuirt e 'nuair a thainig e dhachaidh* Thuirt e ris a bhean, "Chaneil doigh againn ach gu feum sinn falbh as a seo*" "Tha mise toileach," thuirt a bhean. Well alright, fhuair iad am bata is chuir iad na mucan anns a' bhata agus am beagan buntata a bh'aca • agus Iain, an aon ghille a bh'aca* 'S a' mhaduinn trath larna mhaireach thog iad a mach air a' mhuir* Thuirt an tuathanach ris a' bhean, "Ge bi caite stad sinn sin far am bi sinn gusan tig crioch air ar saoghal." Bha sin taghte leis a' bhean. Dh'fhalbh iad ??s bha iad a' seoladh fad finn foineach an latha 's fad na h-oidhche 's fad an latha larna mhaireach 's fad an ath oidhche • 's cha robh sgial a' tighinn air talamh an aite sam bith. Ach an ceathramh latha bha bhean air a cois trath • bha i a mach is i a' coimhead mar seo, fhios agad, 's by God, spv i ta? larah astar uamhasach air falbh. Dh'innis i dhan tuathanach, "Coimhead," thuirt i, "tha mi a' faicinn talamh thall an sin • tha beinn a' tighinn ris." Alright, fhuair an tuathanach pios eile de sheol ris a' bhata is charaich iad i gus an ruigeadh iad mus tigeadh an ath oidhche. Direach mu dhorchadh na h-oidhche rainig iad an cladach ?s cha robh aite ann far am faigheadh iad am bata thoir a stigh. Chtm e roirahe sios oir a' chladaich gus an d'fhuair e gun robh cuis a' tighinn a raach is 'pond' beag a stigh, 's by gosh, fhuair e am bata thoir a stigh. Fhuair e na mucan a thoir as a bhata, an tilgeadh a mach • is thug iad a* choille orra. Chuir e car dhan bhata 's na gnothuichean a bh' aca is chaidh iad a stigh fo'n bhata 's chaidil iad an sin an oidhche sin • iad fhein is Iain. Larna mhaireach bha a h-uile sian an deidh teirg sinn. Thuirt an tuathanach ris a bhean, "Feumaidh mi a dhol a dh'iasgach • feumaidh sinn feuchainn ach a bheil iasg an seo." Chaidh e a mach 's chuir e sios an lion. Cha robh e mach ach astar beag, fhios agad. well by God, cha robh an lion sios ach uair 'nuair a bha i Ian sgadain. O seo aite cho breagha 's na dh'fhuirich e riamh! Thug e stigh an sgadan ?s chaidh an sgadan 's am buntata a bhruich. Cha robh soi- thichean idir aca, na sian. Bha iad direach ag ithe a' bhuntata 's an rusg air ??s ag ithe an sgadain gun a ghlanadh na sian • dh'itheadh iad an druim aige, fhios agad, bha e car reamhar* Well, bha seo a?? dol air air adhart 's thuirt an tuathanach ris a bhean • bha pioc is spaid aige • "Feumaidh mi nis uairah a dheanamh 's a faigh sinn fuireach • feumaidh mi
Cape Breton's Magazine
  View this article in PDF format Print article



Adobe Acrobat Reader is required to the PDF version of this content. Click here to download and install the Acrobat plugin
Acrobat Reader Download